
Santa Claus
Thuirt mis’ ri Santa Claus
An tàinig thu le tòidhs
A bheil mi faighinn aon aca
Leis an dèan mi ploy.
Thuirt Santa Claus Hello
’S an uairsin Ho ho hà
An robh thu solt is modhail?
Ho ho ho ho ho hà.
O Santa bha bha bha
Is chaidh mi don leabaidh tràth
Is innsidh mam ’s an tidsear dhut
Dìreach mar a bhà.
Dh’ fhosgail e am poc’
’S nam faiceadh tu na bh’ ann
Bha ceudan de phreusantan
Dha inbhich agus clann.
Thug e parsail beag dhomh fhìn
Is bha mi air mo dhòigh
A’ cluiche leis an dèideag ud
Abair thusa ploy!!
00:01:21
Ceòl le Calum Martàinn | Na faclan le Peigi Flòraidh NicDhòmhnaill