Cluich Fiaclan Glan

Fiaclan Glan

Feumaidh mise glanadh
M’ fhiaclan fhìn an-diugh
Gheibh mi bruis is uisge
Is uachdar sleamhainn tiugh!!

Cuiridh mi an uachdar
Sìos uachdar a’ bhruis
Is an uairsin sìos is suas
Air m’ fhiaclan abair fruis!!

Bidh mo bheul làn sgudal
A dh fheumas dhol a-mach
Is spùtaidh mi don t-sinc e
Abair salchar, oh mo chreach!!

Feumaidh mise an glanadh
Uair no dhà san là
No bidh iad a’ grodadh
Agus donn air am bàrr!!!

Nuair a chì fear nam fiaclan
Gu bheil m’ fhiaclan glan
Thig craos mhòr gàir air
Is gheibh mi sticear math!!

00:01:16

 

Fiaclan Glan

Feumaidh mise glanadh
M’ fhiaclan fhìn an-diugh
Gheibh mi bruis is uisge
Is uachdar sleamhainn tiugh!!

Cuiridh mi an uachdar
Sìos uachdar a’ bhruis
Is an uairsin sìos is suas
Air m’ fhiaclan abair fruis!!

Bidh mo bheul làn sgudal
A dh fheumas dhol a-mach
Is spùtaidh mi don t-sinc e
Abair salchar, oh mo chreach!!

Feumaidh mise an glanadh
Uair no dhà san là
No bidh iad a’ grodadh
Agus donn air am bàrr!!!

Nuair a chì fear nam fiaclan
Gu bheil m’ fhiaclan glan
Thig craos mhòr gàir air
Is gheibh mi sticear math!!