Fios:
Tha gleidheadh dualchas cànanach ’s cultarail a bhuineas do roinn, cho math ri gleidheadh iomadachd bhith-eòlasach, mar uallach air na ginealaich ri thighinn.

Tha na cànanan Occitan, Gàidhlig agus Gaeilge mar phàirt de bheairtas chultarail na h-Eòrpa. Ann an trì dùthchannan eadar-dhealaichte, agus ged a tha bun-stèidh cànanach eadar-dhealaichte aig na trì cananan, tha iad coltach ri chèile ann an iomadh dòigh, mar eisimpleir a thaobh litreachas, ceòl agus dannsa.

Tha am prògram-iomlaid seo mar leudachadh air an rùn dualchas cànanach agus cultarail a chur air adhart. Tha am prògram air faireachdainn gu bheilear a’ buntainn ri cultar agus dùthaich shònraichte a bhrosnachadh agus a neartachadh, a bharrachd air ionnsachadh mu dheidhinn chultaran roinnean eile a chur air adhart. Thathas cuideachd air aire a thogail mu iomadachd dearbh-aithne chultarail a tha ann air feadh Eòrpa

Chaidh a’ phròiseact GO TO the FUTURE a stèidheachadh le Department of Gers (An Fhraing) agus a’ lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le 6 buidhnean eile :

An Fhraing: Collège François de Belleforest de Samatan and ACPPG (Association pour la Culture Populaire en Pays Gascon – Association for Popular Culture in Gascony),

Alba : Comhairle nan Eilean Siar, Sgoil an Taobh Siar, Comunn na Gàidhlig,

Èirinn: Gaelscoil Mhichil Ciosog.

`S ann dha luchd-teagaisg agus sgoilearan a tha an goireas digiteach seo, a’ gabhail a-steach bileagan-obrach air cultaran na sgìrean eadar-dhealaichte. Tha na cuspairean iomchaidh airson an cleachdadh ann an grunn chlasaichean.
Erasmus