Fios:

Chìthear an-seo sreath de bhidiothan a chaidh a dhèanamh le Aonad Ioma-mheadhain na Comhairle. Tha taghadh de dhaoine a’ beachdachadh air an duine fhèin agus a bhàrdachd, nam measg a nighean fhèin, Mòrag Chuimeanach. Bidh na bhidiothan seo feumail do sgoilearan agus oileanaich a tha ag ionnsachadh mu bhàrdachd Dhòmhnaill no do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an litreachas na Gàidhlig.

Bhuineadh Dòmhnall Ruadh Phàislig, no Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir, no Bàrd Phàislig, do Shnaoiseabhal ann an Uibhist a Deas. Clioc an-seo air barrachd fiosrachaidh mu Dhòmhnaill bho làrach Bliadhna nan Òran aig a’ BhBC.

Dòmhnall Ruadh Phàislig