






Beathaichean
Moo thuirt a’ bhò anns a’ bhàthaich
Seàll an uair a thà
A bheil sibh a’ dol gam bhleoghann?
Gus am faigh sibh bainne blàth.
Hee Haw thuirt an t-each anns an stàball
Seall an uair a thà
Chan eil dad agam ri ithe
Ach cnapan tioram sràbh!!
Gog Gàg thuirt a’ chearc air an spiris
Seall an uair a thà
Tha thìd agaibh biadh a thoirt dhòmhsa
Is gheibh sibh ugh mòr blàth.
Quack Quack thuirt an tunnag san t-seada
Seall an uair a thà
Leigibh mise a-mach à seo
Is thèid mi cuairt gun an tràigh.
Oink Oink thuirt a’ mhuc anns an fhàile
Seàll an uair a thà
Càit’ bheil mo pheile biadh
Agus deoch ’s mi leis a’ phàthadh?
Och thuirt a’ chaora dhubh-cheannach
Nach bochd dhaibh mar a thà
Tha mi muigh an seo a’ criomadh an fheòir
Gach oidhche agus latha.
Tha sinne air an tuathanas
Aig Seòras Aonghais Bhàin
Tha esan cumail sùil oirnne
Gach oidhche agus là.
00:02:30